Tha othail agus ùpraid a-nis gan dèanamh mu dheidhinn dùnadh Ionad-rocaidean Uibhist, agus an call a nì sin air eaconamaidh nan eilean ud - call cosnaidhean a bh' air a shamhlachadh ri call de chòrr is 20, 000 cosnaidhean ann an Glaschu, ann an aon sgobadh, nan tachradh a leithid ann an sin.
Niste, thachair gu robh mi a' leughadh iris-ràitheil làn naidheachdan bho 1955, agus nach ann a bha deasbad anns an iris sin (Gairm) mu stèidheachadh an ionaid, an raon itealan agus co-dhiù am bu chòir, gus nach bu chòir.
Aig an àm a bha sin, bha corra dhuine an aghaidh an ionaid a bhith air a thogail, ach 's ann a bha iadsan sa bheag chuid a-rèir nan Uibhisteach a chuir am barail chun na h-iris, agus a dh'fhoillsicheadh innte.
A-measg nan argamaidean air a shon, bha na daoine sin an dùil ri rathaidean nas fheàrr, cidheachan nas fheàrr agus margaid nas fheàrr aig na croitearan anns an eilean airson bàrr na talmhainn. Bha iad cuideachd a' sùileachadh barrachd obraichean ach bha draghan an cois fiù 's a-measg na feadhna a bha airson an ionaid; leithid cus fearainn air a thoirt air falbh bho na croitearan, agus co-dhiù am biodh taighean-fuirich air an leigeil airson an raoin-itealan agus an ionaid-rocaidean.
Thàinig Gairm fhèin a-mach an aghaidh an ionaid, air sàilleabh 's mar a bha iad an dùil gun lagaicheadh cultar Gàidhlig an eilein ri linn teachd a-steach nan Goill.
Seall a-nis, mar a bhios a h-uile neach-poilitigs le daimh no ceangal ri Uibhist a' cur an aghaidh dùnadh an ionaid-airm. Ach, saoil an tigeadh ath-bheòthachadh na Gàidhlig ann - agus na saighdearan Gallda air falbh?
Abair e.....
Tuesday, June 30, 2009
Sunday, May 17, 2009
Ceann-fìnid caol aig Prìomh-lìog Ball-coise na h-Alba.
Abair gum bheil an seusan air a ruith gu math caol am bliadhna. ‘S iad Hearts an t- aon chlub a th’ air an daingneachadh fhèin san treasamh àite, agus cha mhotha gun do thachair sin dhaibh gus an dàrna geam mu dheireadh dhen t-seusain. ‘S bu mhòr am beud, ach rinn iad an gnothach air sgioba mo ghaoil, Dùn Dèagh Aonaichte, 3-0 aig Tynecastle, dachaigh Hearts.
Mar a thig cùisean gu ceann an t-seachdain seo tighinn, ‘s ann a-rèir mar a thèid aig Dùn Dèagh Achte agus Rangers aig Tanachais; aig Celtic an aghaidh Hearts, ‘s Obar Dheathain an aghaidh Hibernian mar an ceudna, a dhearbhas cò dhaibh a bhuannaicheas an lìog (Rangers no Celtic), air neo a choisinneas ceathramh àite (Aonaichte no Obar Dheathain) a dh’ fhosglas an doras gu farpais na h-Eòrpa an ath sheusan. Chan e sin a-mhàin, ach tha suimean math airgid a’ feitheamh orra a-rèir an àite a bhuidhneas iad dhaibh fhèin san lìog.
‘S ann a tha an strì aig bonn a’ chlàir a’ cheart cho garbh teann ‘s a tha e aig a’ mhullach; ‘s iad ceathrar sgiobannan (Hamaltan, Naomh Mearain, Inbhir Nis agus An Eaglais Bhreac) a bhios ann an ugannan a chèile gus an àite fhèin a ghlèidheadh sa phrìomh lìog aig ceann a’ ghnothaich. ‘S iomadh car a bhios ann gun teagamh mun teirig dànadas an latha, agus gu dearbha, ‘s iomadh neach a bhios air bhioran, a chridhe na shlugan a’ coimhead no ag èisteachd ris na geamannan ud Disathairne.

Fàth air 時の鐘
Tuesday, April 07, 2009
Ionnsaighean eile air cor na h-Alba
An turas seo – UNISON (stèidhte ann an Lunnainn, mar sin tha e ceart a bhith gam meas “Sasannach”.) A dh’ aindeoin ‘s gum bheil Oifisean “Sgìreil” aca no “Regional” mar a chanas iad fhèin riutha. Bhon a chunnaic mi, mar as trice, a-rèir nam buidhnean Sasannach, ‘s e “Region” a th’ ann an Alba gu lèir ('s a' Chuimrigh), ach chan e “Region” a th’ ann an Sasainn gu lèir. Coma gum bheil Alba air a roinn ann an tòrr dhiofar sgìrean i fhèin. Tha iadsan a' cur taic ri fear Owens, a tha ‘s dòcha na Albannach, ach cò aig tha fhios, dh’ fhaoidte nach eil.
http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/1153487?UserKey=
Tha a h-uile coltas ann gur e am fear seo, Owens, na chulaidh thràilleil dhan bhuidhinn Shasannach seo, agus a-nis cleachdaidh iadsan esan mar mheadhan air bhith a' leantainn air na thòisich na Comhairlichean Albannach/Sasannach gòrach ann an Gallaibh.

Labels:
bilingual,
gaelic signage,
sanasan Gàidhlig,
UNISON
Monday, April 06, 2009
Sasainn a’ slugadh sìos stòras na h-Alba
Tha e coltach gum bheil Riaghaltas Bhreatainn, no, Riaghaltas Shasainn mar is fheàrr a dh’ aithnichear e air feadh an t-saoghail, a’ gabhail cothrom cruaidh chàs an eaconamaidh gus maoin is stòras Alba a’ goid gu h-iomlan.
Tha na Sasannaich san Riaghaltas sin agus cuid de an luchd-leanmhainn tràilleil Albannach a’ toirt sùil air an aghaidh air gluasad Alba gu neo-eisimileachd agus iad an dùil èis a chur air staid na dùthcha airson an àm ri teachd.
Aon is aon, tha seann bhuidhnean stèidhichte ann an eachdraidh ionmhais na dùthcha gan toirt thairis le buidhnean stèidhte ann an Sasainn. Banca na h-Alba, Banca Rìoghail na h-Alba, Comann Togalaich Dhùn Phàrlain...
Gidheadh, ro staing an eaconamaidh, bha na mìltean de bhuidhnean neo-eisimileach Albannach beag is mòr gan gabhail thairis beag air bheag le buidhnean Sasannach co-dhiù. "Saoghal farpaiseach eaconamaidh a’ chalpachais" a chanadh luchd nan lethsgeul ruinn 's iad a' diochuimhneachadh nach eil sin a' tachairt cho tric ann an dùthchannan beaga eile a tha neo-eisimileach.
A-nis, ‘s ann a tha buidhnean ionmhais Shasainn a’ faighinn làmh cuidheachaidh air innleachd charach as leth Riaghaltas “Bhreatainn”. Gun neo-eisimileachd cheart is iomlan, tha Alba air a ceangal cho cruinn ri mult agus anns an “Aonadh” seo, ‘s i Alba an làmh a bheir, agus Sasainn an làmh a gheibh sa chumantas, nuair a tha feumalachdan an dà dhùthaich a’ bualadh air a chèile; oir ‘s i Sasainn an companach as làidire, ged is ann a dhèoin no dh’ aindeoin sin dhuinne. Tha Alba agus a ceithir caoil ceangailte le bhith fuireach san aon dachaigh ri dùthaich mòr a bu chòir a bhith na deagh nàbaidh dhith, seach na droch companaich.
Thathas a' bruidhinn air foill ann an taghaidhean poilitigeach - mar eisimpleir, Gleann Rathais an uiridh....ach gu rudeigin fada nas cudthromaiche.....
Dìreach beagan làithean ro fhosgladh oifigeil Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999, chaidh crìoch mara na h-Alba gluasad le Riaghaltas Shasainn bho Bhearaig Tuaidh gu Càrn Fheusta (Carnoustie). B’ e seo Ordagh Crìochan Uisgeachan Fagasach Albannach 1999, a rug air 6, 000 mìle (chearnagach) de dh’ uisgeachan dùthchail Albannach air sàilleabh Shasainn. Tha uisgeachan dùthchail Albannach fo uachdranas lagh na h-Alba, ‘s chan ann fo lagh Shasainn agus tha iad sin cudthromach do ghnìomhachas èisg-mhara, do ghnìomhachas ola Cuan a Tuath, agus do thagraidhean farpaiseach airson stòrasan Clais Sgeir Rocail. Tha na 6,000 mìle de dh’ uisgeachan mara Albannach a-nis fo chìs Shasainn agus rinneadh seo ach am biodh crìoch mara nan uisgeachan dùthchail (gu ruige iomall 19km) 0.09 km tuath air a’ chrìoch airson ionadan ola(Iomradh: Pàrlamaid na h-Alba, Aithisg Oifigeil 2000).
Ceanglaichean eile: http://www.opsi.gov.uk/si/si2002/20022427.htm
http://www.opsi.gov.uk/si/si1999/19991126.htm
http://www.scotland.gov.uk/News/Releases/1999/12/2eb41961-be0c-42bf-8a93-0f1e7bb0420d
http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/10/27171805/18056
http://www.oilofscotland.org/scottish_politics.html#Scotlands_marine_boundries
Na h-uisgeachan fagasach mar a bu chòir dhaibh a bhith.
http://72.14.235.132/search?q=cache:0YTTRvLoCJ8J:www.jncc.gov.uk/page-4549+Adjacent+Scottish+Territorial+Waters&cd=5&hl=ja&ct=clnk&gl=jp

Monday, March 09, 2009
Sgeulachd às an iris Mac-Talla (Iuchar 14, 1894) ann an clò.
Cum sùil air bonn na duilleig seo oir, bidh clàr-mìneachaidh de dh’ fhaclan is gnàth-fhaclan sònraichte san sgeul a’ nochdadh ann an ùine nach bi fada.
Sgeulachd an ròcais ‘s an t-sionnaich agus na dh' èirich do na beathaichean uile.
Bha ròcas ann roimhe seo a bha air tòir cobhartaich dha fhèin, agus air a thuras goidear mulchag-chàise à uinneag taigh-àirigh; agus càite an deach e ga h-ithe ach do bharr craoibhe. Rinn e gurach air spèic; agus sùil dhan tug e, dè chunnaic e shìos fodha ach gugarlach mòr losgainn ga bhlianadh fhèin ann an lub. Bha sùilean an losgainn nam faoban èitigh a’ sginneadh troimh a chlaigeann – bha e na shealladh, ar leis, cho ro ait ‘s gun do chuir e, ri faicinn an spliutaire shlìomaich, thruaigh, spliug de bhraoisg-ghàire air – an seorsa spliug sin nach tig ach don ròcas ‘s e thoradh a ghean. Goirid bhon losgann bha sodair de dhamh còir, sultmhor, ag ionaltradh; baidean uan ag cluaineas mun àilein agus greis mu seach aca air snodadh bhileagan feòir agus bhlàithean.
Cò a bhuail a-staigh do cheann shìos na cuithe ach gum b’ e madadh-allaidh. Sgeadaich e fhèin cho seòlta ann an deise de chulaidh-chaorach ‘s nach do dh’ aithnich na h-uain cò a bh’ aca; chan e a-mhàin sin, ach fear dhiubh a bha an uile-bheist tiotan beag roimhe sin na dèidh a mhàthair ithe agus a craiceann a shuaineadh mu a ghuailnean, ruith e gu soganach, neo-chiontach na choinnimh an dùil gum b’ esan a mhàthair.
“Hi-hì!” arsa an sionnach, ‘s e ag aileadh timcheall a’ ghàraidh ann an ionad a bha fo sgàil na craoibhe air an robh an ròcas na ghurach a’ gabhail beachd air an losgann a’ coimhead air an damh le dà spleuchd-shùil a bha an impis sgàineadh le farmad ‘s gu bhith tachdta le ròcail sglamhrainn. “Nach baoth na h-uain fhèin. Sheall thus’ air a’ bhailcire fhaoin, mheaghalaich ud nach eil ag aithneachadh a’ mhadaidh-allaidh fo chraiceann na caora! An seann chealgaire sin a dh’ ith màthair ciorraidh an dè ‘s a dh’ itheas e fhèin a-nochd – hi hì!”
Bha comhachag am falach na suain ann an còs ann an stoc craoibhe, agus ‘s na cuir a bh’ ann dùisgear. “Pu-hù, fhir a th’ ann, ged nach eil mi gad lèirsinn tha mi gad fhaireachdainn! Mas toigh le cuid de dh’ fheadhainn na h-uain, tha feadhainn ann air nach beag na geòidh,” arsa a’ chomhachag.
“Agus a ghràidh nam ban, is toigh leat-sa an luch,” arsa an sionnach.
“Bidh muinntir Sìona gan ithe, tha iad ag ràdh,” arsa a’ chomhachag, “agus leugh mi ann an leabhar air choireigin gum bheil iad fuathasach dèidheil air feòil chon,” arsa an t-seana bhean chòir a-rithist.
“O, tràth nach do sgrios iad gach mac madaidh dhiubh bharr aghaidh an talmhainn!” arsa an sionnach.
“Agus leugh mi cuideachd ann an àiteigin, gum bi na Frangaich ag ithe nan losgann,” arsa a’ chomhachag. “Am bheil thu siud, a ghoistidh? Nach ann againn a bha co-sheirm bhinn cheileiridh an-raoir!”
“Ma bhios na Frangaich ag ithe mo chineal-sa, bidh na Sasannaich ag ithe mairt-fheòil,” arsa an losgann le ròchd – “bithidh daimh mhòra, mhosach, dhreallach, Ghallta.”
“Pu-uhù!” arsa a’ chomhachag, “ar leam gun cuala mi sin, gu dearbh, agus nach beag orra bonnach an t-sodail.”
“Ach cò riamh a chuala gum biodh iad ag ithe nan comhachag, no nan sionnach, a bhean chòir?” arsa gille-nan-car. “No idir gun suidheadh iad sìos a chreimeadh ròcais,” arsa an t-uasal a-rithist ‘s e ri beic don t-seann ròcas a bha na ghurach anns a’ chraobh ‘s an càis’ aige na ghob, “Is triùir sinne nach cuirear ann am poit a leasachadh ruite no ròic dhaoine – tha sinn os cionn sin.”
“Is mise eun a’ ghliocais,” arsa a’ chomhachag, “bha mi fhèin ‘s an Seana Ghàidheal nar companaich; gheibhear gu tric mo dhealbh air a ghearradh air cùirn ‘s air tùir na h-Èiphit.”
“Gu dearbh chunnaic mi gu tric e air a ghearradh air àrd-dhorsan shaibhlean air a’ Ghalltachd,” arsa an sionnach ‘s e cur braoisg air fhèin. “Tha thu nad dheagh bhan-sgoileir, a bhan-ghoistidh. Is aithne dhòmhsa rud no dhà mi fhèin, ach is fheudar dhomh aideachadh nach eil mi nam sgoileir – is gnothaichean an t-saoghail as motha tha tighinn fainear dhomh – is fear mi a tha tighinn suas air mo luim fhèin – duine-uasal bharr na dùthcha, mar gun abradh tu.”
“Is ann a’ fochaid air a’ sgoileireachd,” arsa a’ chomhachag, ‘s fàite fanaid air a h-aodann àigh.
“Bithidh, a cheist, an uair bhios mise ri sgoilearachd air feadh nan cearc ‘s nan coileach air an spiris,” arsa an sionnach.
“Ach coma, is bochd nach eil sgoil agad; nam bitheadh bheireadh an dèile seo os mo chionn beagan fiosrachadh dhuit.”
“Dè tha i ag ràdh,” arsa an sionnach.
“Chan urrainn dhomh leughadh ri solas an latha,” arsa a’ chomhachag, ‘s chaidh i ‘s a’ mèananaich air a h-ais do chòs na craoibhe a chadal gu feasgar.
“Plumbais buntàta air a dubh fhacail b’ e sin è,” arsa an sionnach ‘s e sealltainn suas ris an ròcas.
“Saoil, nach ann a tha phròis nar ban-choimhearsnaich! Cha b’ ioghnadh leam ach i – a’ gabhail oirre gliocas an t-saoghail a bhith aice – clod-cheann dall na caillich-oidhche – gu dearbh nan abradh i na ròcais.”
An uair a bha an conaltradh seo a’ dol air adhart eadar na càirdean ud, bha an damh gu soimeach ag ithe an fheòir ‘s an losgann a’ dùr-bheachdachadh air le leithid de dh’ eud ri mheudachd ‘s gun spùtadh e nimh air nam b’ urrainn dha, agus gun sgàineadh e le neart farmaid mur-bhith nach robh sin na chomas. Bha an t-uanan gun fhiamh, gun amharas, na shìneadh ri taobh a’ mhadaidh-allaidh; a thaobh gun do ghabh esan a shàth dheth mhàthair cha do ghabh e fhathast gnothach ris. Ach coma, bha lasadh a’ tighinn na shùilean ‘s toiseach aige air fhiaclan a chasadh agus dh’ èirich gurt is greann air ri cuimhneachadh gum b’ fheàirrte e uain-fheòil gu shuipear.
“A! Nach mòr na sùilean a th’ agaibh,” arsa an t-uan ‘s e a’ mèilich.
“Is ann is fheàrr a chì mi thu, eudail.”
“A! Nach mòr na tuisg a th’ agaibh.”
“Is ann is fheàrr a dh’ ith…..”
Mun robh am facal uile mach às a bheul, thàinig an ràn dèistinneach ud air feadh na cuithe, ‘s chlisg gach beò a bh’ innte leis an eagal. Cia dè bha an seo ach asal a fhuair fàth le tubaist air choireigin, air boiceann leòmhainn a chur uimpe, agus a’ tighinn na steall a-staigh air bealach a bh’ air a’ ghàradh agus daoine ‘s clann a’ cur rithe le maidean ‘s le gunnaichean.
An uair a chuala am madadh-allaidh an raoic a rinn an asal a bha ann am boiceann an leòmhainn, shaoil leis gur h-e rìgh mòr an fhàsaich e fhèin a bh’ ann, ‘s thug e às cho luath ‘s a leigeadh a dheise leis. Nuair a chuala an damh an fhuaim thug e le clisgeadh cuibhleadh troimh an lub, agus saltrar air an losgann, a bha ga dhubh-chàineadh, ‘s cairear a chnaimhean air a chèile. Nuair a chunnaic an ròcas daoine a’ tighinn le gunnaichean, ghrad-leig e às a’ mhulchag ‘s ghabh e na sgiathan. Nuair a chunnaic an sionnach a’ mhulchag a’ tuiteam, thug e ga h-ionnsaigh – dh’ aithnich e raoic na h-asail – agus, anns an leum a thug e tuitear an gòisinn agus caillear an t-earball ris. B’ fheudar dha riamh tuilleadh an saoghal imeachd às aonais, a’ gabhail air, anns droch-uair, gun deach na h-earbaill às an fhasan, agus gur h-ann bu mhiste na sionnaich orra iad.
Anns na cuir a bh’ ann thàinig balachan ‘s leadair e an asal le bata gus an robh i ‘s an raoiceadh eug. Cha b’ urrainn am madadh-allaidh mòr-chabhaig a dhèanamh leis gun deach craiceann na caora mu chasan, agus ‘s e bh’ ann gun tug fear de na daoine an aire dha ‘s gun do thilg e e. Nuair a dh’ fhairich a’ chomhachag a’ bhodhair-fhuaim a bh’ ann, chaidh i na breitheal, ‘s leis a’ bhoile leum i à còs na craoibhe ‘s buailear i am buachaille ann an clàr an aodainn, agus mharbh e i le cuaille bata. Thàinig na àm fhèin am feòladair agus thug e leis an damh ‘s an t-uan; agus fhuair an tuathanach an t-earball anns a’ ghòisinn, ‘s chuir e am bràigh an teinntein e, ‘s cha robh duine a thigeadh air chèilidh air, nach innseadh e dha am mi-mhodh a fhuair e a’ cur gu bàs an t-sionnaich.

Friday, March 06, 2009
Dà-aodannach no deil-aodannach?
Chunnaic mi am facal “dà-aodannach” air làrach-naidheachd a’ BhBC an-diugh. Anns a’ bhad, shaoil mi gur e Beurlachas a bh’ ann. Bha mi eòlach air “leam-leat” mar ghnàth-fhacal neo-fhoirmeil, ach cha dhèanadh sin a’ chùis air làrach-naidheachd oifigeil mar seo.
Thug mi sùil air Dwelly an lìn…agus cia dè a thàinig am bàrr ach “deil-aodannach”! An dà, an do bhodraig iad fhèin an làrach iomraiteach seo a chleachdadh? Ma dh fhaoidte, gur e “dà-aodannach” am facal as cumanta a-nis ann an saoghal na Gàidhlig, ach ar leam nach e rud a dh’ adbhraicheadh mì-thuigse idir a bhith toirt sùil air ais air na h-abairtean as gàidhealaiche agus gan cur an cleachdadh a-rithist.

Wednesday, February 04, 2009
Gu deamhnaidh fhèin!
Thug ban-oileanach dhomh 35 pònairean-sòigha ròiste an-diugh. Bha iad coltach ri cnòthan-talmhainn ròiste, le plaosg tana a dh’ fhaoisgeadh tu gu furasta. B’ e latha ron earraich a bh’ ann air bhon-dè, 3 Gearran. Seo latha ris an canar “setsubun” ann an Iapanais (roinn na h-aimsir).
Pònairean-sòigha ròiste (irimame)
Dh’ innis i dhomh mar a thilgeas na pònairean seo air feadh an taighe, anns gach seòmar gus an deamhan (no Oni, mar a chanas iad fhèin ris) a sgiùrsadh às an dachaigh agus deagh fhortan a leigeil a-steach. Sguabar na pònairean air falbh an ath latha.
Pònairean-sòigha ròiste (irimame)Dh’ innis i dhomh mar a thilgeas na pònairean seo air feadh an taighe, anns gach seòmar gus an deamhan (no Oni, mar a chanas iad fhèin ris) a sgiùrsadh às an dachaigh agus deagh fhortan a leigeil a-steach. Sguabar na pònairean air falbh an ath latha.
Clann a sgapadh pònairean-sòigha aig a' bhun-sgoil gus an deamhan (Oni) a sgiùrsadh às.
Bithear cuideachd ag ithe pònairean-sòigha airson sealbh a bhuileachadh ort fhèin air an aon latha, agus ‘s e an cleachdadh a th’ ann aon phònair airson gach bliadhna den aois a tha thu a slugadh sìos. Obh, obh...chan eil mi fhìn ach 31, agus seo ise a’ smaoineachadh gun robh mi 35 nuair a dh’ ullaich i 35 dhiubh dhomh! Ochan is osnadh...chan fhaighear an-dè air ais an-diugh......
Labels:
deagh fhortan,
deamhan,
earrach,
oni,
pònairean-sòigha ròiste
Subscribe to:
Posts (Atom)