Ueill, bha mi an dùil bhòt a chur thuca tron phost airson nan taghaidhean do Phàrlamaid na h-Alba, ach a-rèir na leugh mi air an làrach aboutmyvote.co.uk , chan fhaod mi sin a dhèanamh bho thall thairis.
Faodaidh mi bhòt a chur airson nan taghaidhean do Phàrlamaid Shasainn, ach chan ann dhan dùthaich agam fhèin. Tha sin mar sin cuideachd do na h-Eireannaich ann an Eirinn a Tuath, do na Cuimrich agus do dhaoine à Lunnainn a tha ag iarraidh bhòtadh airson Seanadh Lunnainn. Tha sin a` ciallachadh nach e ach Seanadh a th`anns “a`Phàrlamaid” againn ann an dà-rìreabh, agus nach e ach taghadh ionadail a th`ann gu h-oifigeil.
Mar sin dheth, carson a bhios na Meadhanan fo ùghdarras Shasainn a` mealladh muinntir na h-Alba le bhith a` cantainn “Pàrlamaid” ris an t-Seanadh againn? Thagh iad am facal sin “Pàrlamaid” le cùram ach nach cuireadh e cais air a` mhòr-chuid a tha moiteil à Alba agus a tha ga meas mar “dhùthaich”, `s chan ann mar “sgìre”. Mar sin dheth, `s e “Pàrlamaid” a bhios againn air, ach ann an da-rìreabh chan eil de chumhachd aice ach na gheibheadh tu ann an Seanadh Baile Mhòr no sgìre bheag.
20 Apr 2007
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment