Tha e math dha-rìreabh nuair a bhios na daoine as siùbhlaiche ann an saoghal na Gàidhlig a’ nochdadh air Radio nan Gàidheal. An t-seachdain-sa, b’ e Aonghas Dubh a bha a’ bruidhinn air a’ phrògram Leugh an Leabhar, agus a thug dhuinn briathar ùr mar mhìneachadh air aon de na sgeulan san leabhar Dìomhanas le Fionnlagh MacLeòid. B’ e dràma an ùmantais a thug e air An Cluasan – “Theatre of the Absurd” agus e a’ moladh an sgeulachd mhìorbhaileach sin. “Struth-mothachaidh” air “stream of consciousness” mar a thathas a’ cantainn ri obair Samuel Beckett sa leithid.
Tha uiread de dh’ fhaclan anns an leabhar aig Fionnlagh a tha air a dhol à cleachdadh fiù ‘s ann an Leòdhas far am buin iad. Bha e iomchaidh gun do chuir Aonghas briathran eile air ais nar cuimhne agus gu dearbh fhèin, taisgidh mi nam chuimhne iad cho math ‘s a thèid agam air sin a dhèanamh! Ma nì sinn uile sin, thig faclan mar sin air ais ann an cleachdadh.
Sunday, September 28, 2008
Subscribe to:
Post Comments (Atom)

0 beachdan:
Post a Comment