Carson a tha e an comas dhomh
bhideoan de dheasbadan mòra agus beaga fhaighinn air
làrach a’ BhBC an seo ann an Iapan air
cùisean Amearaganach, is air cùisean eadar-nàiseanta eile, ach nach eil e an comas dhomh dad sam bith fhaighinn air cùisean Albannach? Chan eil dad “ri fhaotainn” far a bheil mi. Tha bacadh air na bhideoan Albannach uile cha mhòr ge b’e gur e BBC Alba no BBC Scotland a th’ annta. Nach iad cùisean eadar-nàiseanta a th’ anns na bhios a’ tachairt anns a h-uile ceàrnaidh dhen t-saoghail? Tha sinn faighinn bhideoan air làrach a’ BhBC air
a h-uile rud beag bìdeach de na tha tachairt ann an
iomairt cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte. Faodar ionnsachadh gun do “
phioc Obama a shròin a-raoir”, no
gun deach McCain chun taigh-bheag co-dhiù 13 tursan an t-seachdain seo chaidh, agus
gun robh Palin a’ bruidhinn air càc a’ choin ann an Alasga fad dà sheachdain. Am bheil Alba dha-rìreabh cho
mì-chudthromach sin nach faigh mi
bìog aiste?
Fàsach na h-Alba, chan eil dad a’ tachairt.
0 beachdan:
Post a Comment