Wednesday, November 05, 2008

Aireach bean Prìomhaire an Rìoghachd Aonaichte a’ bualadh tè chiorramach.

Bha iomairt (fo) taghaidh airson Gleann Rathais (air a chumail leis an Teachdaire Dhùn Dèagh) a’ gabhail àite a-raoir agus na tagraichean uile an làthair. Tè dhiubh na tagraiche airson Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba, Mòrag Balfour. Tha i na ciorramach agus ged a bha i ann an cathair-chuibhle aig an iomairt-thaghaidh , dh’ innis i mu na thachair rithe agus bean a’ Phrìomhaire, Sarah Brown, a’ tadhal air a’ bhaile bho chionn ghoirid.

Thuirt i gum faca i Sarah Brown sa bhaile, agus gun deach i thuca le crasgan fo h-achlaisean airson “beagan bhleadraigeadh” a dhèanamh leatha, mar a chuir i fhèin e. Ach gun tug aireach Sarah, no minder sa Bheurla, sgailc dhi anns a stamaig agus gun do theab i tuiteam agus a ceann a bhualadh. Thuirt i cuideachd gun deach pàirt de na thachair a chlàradh le camara aig sgioba Newsnight.

Obh, obh. Ged ‘s i tè luchd-poilitics a tha cur an-aghaidh na Làbaraich san fo-taghadh seo, chan e seo rud a tha dol a shealltainn do mhuinntir Ghlinn Rathais gum bheil na Làbaraich dlùth ris an t-sluaigh! Seall na bèistean a tha air tuarastail a’ Phàrtaidh Làbarach airson an dìon bho neach le ciorram corporra!

0 beachdan: