A-rèir coltais, tha e coltach gun do dh’atharraich cuid de na daoine is àbhaist a bhith a’ cur airson nan Tòraidhean agus nan Deamocratach Libearalach dhan phartaidh Làbarach.
Ciamar as urrainn dhomh seo a’ ràdh?
An toiseach, dh’ àrdaich bhòta a’ Phartaidh Nàiseanta 13% an taca ris an taghadh mu dheireadh, agus thuit bhòta na dhà phartaidh sin, le 3% agus 10% fa leth. Dh’èirich bhòta nan Làbarach 3% ge-tà. Mar sin, dh’ fhaodadh gur ann mar sin a bha e. Na daoine a tha airson ceannsal Alba a chumail san “aonadh” seo, agus iad a’ toirt a’ bhòt aca a-null dha na Làbaraich.
Dh’fhaodadh nach ann…
Co-dhiù, tha a’ Sunday Herald ag aithris gur iad cùisean ionadail na sgìre a dh’ adhbhraich nach do choisinn am Partaidh Nàiseanta a’ chathair a dh’ aindeoin mar a bha coltasan dòchasach ann dhaibh roimhe. Gu h-àraid cìsean-cùraim sa bhaile. A-rèir a’ phàipear seo, ‘s iad na Làbaraich a bha math air an iomairt aca a thomhadh air a’ chùis chudthromach seo. Agus a-rèir am PNA(SNP), bha iad breugach mu deidhinn.
Sunday, November 09, 2008
Subscribe to:
Post Comments (Atom)

0 beachdan:
Post a Comment