An turas seo – UNISON (stèidhte ann an Lunnainn, mar sin tha e ceart a bhith gam meas “Sasannach”.) A dh’ aindeoin ‘s gum bheil Oifisean “Sgìreil” aca no “Regional” mar a chanas iad fhèin riutha. Bhon a chunnaic mi, mar as trice, a-rèir nam buidhnean Sasannach, ‘s e “Region” a th’ ann an Alba gu lèir ('s a' Chuimrigh), ach chan e “Region” a th’ ann an Sasainn gu lèir. Coma gum bheil Alba air a roinn ann an tòrr dhiofar sgìrean i fhèin. Tha iadsan a' cur taic ri fear Owens, a tha ‘s dòcha na Albannach, ach cò aig tha fhios, dh’ fhaoidte nach eil.
http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/1153487?UserKey=
Tha a h-uile coltas ann gur e am fear seo, Owens, na chulaidh thràilleil dhan bhuidhinn Shasannach seo, agus a-nis cleachdaidh iadsan esan mar mheadhan air bhith a' leantainn air na thòisich na Comhairlichean Albannach/Sasannach gòrach ann an Gallaibh.
7 Apr 2009
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment