31 Jan 2010

Ràdh na Seachdaine 3 - A' dol ann am muinchill neach


John Fleck - Tha e an-dràsta a' dol ann am muinchill athair, Robert Fleck, is e na chluicheadair ball-coise mar a bha Robert Fleck roimhe.

Tha mi a' smaointinn nach eil an ràdh seo doirbh a thuigsinn mas e is gu bheil sibh eòlach air an fhacal "muinchill".

'S iad "muinchillean" na dhà rud pìobanach air geansaidh no còta anns an tèid do ghàirdeanan.

Mar sin, ma tha thu "a' dol ann am muinchill cuideigin", ann an seagh da-rìreadh, tha thu a' cur do ghàirdeanan anns na muinchillean a th' aig cudeigin eile.

Dè tha sin a' ciallachadh ma-tà?

Dh'fhaoidte gu bheil thu a' leantainn ann an ceum-coise neach eile. Tha thu a' dèanamh na bha iadsan a' dèanamh, mar is dual dhuit.

Chaidh e ann am muinchillean athair le bhith a' gabhail anns an arm. - 's e sin gun do ghabh e anns an arm, dìreach mar a rinn athair roimhe.

A bheil duine sam bith san teaghlach agad fhèin, a chaidh, no a tha a' dol, ann am muinchill cuideigin eile san teaghlach agaibh?



Ràdh coltach Beurla a thaobh ciall

He followed in his father's shoes /footsteps by joining the army.

Ràdh coltach Frangais a thaobh ciall

Il marche sur les pas de son père./Il suit les traces de son père

No comments: