3 Nov 2011

Ceum sìos no ceum suas?

'S iomadh uair bho chionn corra bhliadhna a-nis a tha luchd-leantainn Dhùn Dè Ate a' cluinntinn gu bheil an club acasan mar "chlach-sìnteig" a dh'fhaodas cluicheadairean òga, tàlantach a chleachdadh air an slighe suas gu cliù is fortan aig club mòr beairteach, a tha mar as trice, shìos dhan taobh a deas.

'S e sin a' phuing-reic a bha am manaidsear Levein, agus a-nis Houston a' cur mu choinneamh a' chluicheadair airson dearbhadh air gum b' fhiach dha ainm a chur ri cùmhnant aig a' chlub san eadar-àm. Nan dèanadh e gu math, bhiodh a h-uile coltas ann gun tigeadh e gu aire nan clubaichean mòra ann an Sasainn.

Uill, chaidh le Dàibhidh Goodwillie, agus tha e a-nis a' cluich do Bhlackburn Rovers a tha anns an Lìog fèin-mheasaichte mar an tè as fheàrr san Roinn Eòrpa. Chaidh a cho-chluicheadairean, Craig Conway, agus feadhainn eile gu clubaichean ann am Farpais Lìg Shasainn (the Championship), ach bha àm ann nuair nach robh e air a mheas ann an Alba mar "ceum suas" nam falbhadh cluicheadair à Dùn Dè Ate gu Farpais Lìg Shasainn, gu h-àraidh nuair a bhiodh DUFC a' cluich sna farpaisean Eòrpach a h-uile bliadhna, agus cothrom aca air Cupa na h-Alba, no Cupa "Lìog" na h-Alba a bhuannachadh, gun luaidh air cothrom a bhith a' gleidheadh Prìomh Lìog na h-Alba sna 1980an.

Na h-ochdadan: aimsir san cumadh Dùn Dè Ate ceann a' mhaide ri sgioba Eòrpach sam bith.

Chan e nach robh barrachd airgid aig mòr-chuid de na clubaichean Sasannach an uair sin cuideachd, ach bha ìre chluiche nan sgiobannan mar Dhùn Dè Utd fhèin, Obar Dheathain, Hearts, Hibernian, Celtic agus Rangers, agus aig amannan fiù 's ìre Tobar na Màthar, fada na b' àirde agus gu math faisg air feadhainn de na sgiobannan mòra Sasannach, agus a' toirt bàrr air mòran dhiubh!

Dh'fhalbh sin, agus thàinig seo, ach a bheil e na "cheum suas" dha-rìribh do Chraig Conway a bhith a' falbh gu Cardiff City, no do Phrince Buaben a dhol a Watford seach a bhith a' fuireach aig Dùn Dè Ate far am bi cothrom faighinn a-steach do cho-fharpais na h-Eòrpa, no Cupa na h-Alba a bhuannachadh? Bidh airgead mòr aca, agus 's dòcha gum bi iad a' cluich gu cunbhalach an aghaidh sgiobannan nas fheàrr ach nam biodh na cluicheadairean math sin uile, Buaben, Goodwille, Conway, Gomes, air fuireach còmhla ri John Daly, Danny Swanson, Johnny Russell, Dusan Pernis, Sean Dillon, Pòl Dixon a tha ann fhathast, agus air tighinn gu ìre le chèile aig DUFC, cò aig tha fhios dè bhiodh iad air coileanadh!

Dh'fhaodadh iad a bhith a' strì 's a' feuchainn air duais na Prìomh Lìg a thoirt a-mach, agus faighinn tro na cuairtean dearbhaidh san Roinn Eòrpa. Ach, chan ann mar sin a tha an saoghal ag obrachadh, agus nam biodh iad uile ann fhathast, chanadh cuid gum biodh an club a' dol fodha ann am fiachan le tuarastail mhòra rim pàigheadh dhaibh gach seachdain.

Gidheadh, nam biodh iad a' buannachadh dhuaisean mòra, cuachan 's a leithid, agus a' faighinn a-steach do lìg Europa aig a' char as lugha, saoilidh mi gum faigheadh an club airgead gu leòr airson cumail air flod. Bruadar na glòir-mhiann no àrd-amas a dh'fhaodadh a bhith comasach?

No comments: